Fàilte gu The Scotch Whisky Experience
Eòlas uisge-beatha na h-Alba
SLÀINTE MHATH!
Air do shlàinte!
Tha an tàladh 5 rionnag The Scotch Whisky Experience a’ cur fàilte bhlàth ort gus dìomhaireachdan uisge-beatha Albannach fhosgladh aig an dachaidh againn air am Mìle Rìoghail Dhùn Èideann, dìreach ri thaobh Caisteal Dhùn Èideann. Taobh a-staigh uair a-thìde, thèid air turas a gheibh thu gach nì a dh’fheumas tug gus a bhith nas eòlaiche air uisge-beatha!
Thig an turas agad gu ceann le blas uisge-beatha faighinn aig taobh a-staigh seilear far a bheil aon de na cruinneachaidhean as motha de Uisge-Beatha Albannach san t-saoghal – a chaidh air ainmeachadh o chionn ghoirid mar aon de na ‘7 Iongantasan ‘s an saoghal uisge-beatha Albannach’. Thèid glainne uisge-beatha criostail a thoirt dhut mar chuimhneachan air an ùine a chuir thu seachad còmhla ruinn!
NA TURSAN
The Silver Tour – Bi nad eòlaiche air uisge-beatha ann an uair a thìde!
GACH LATHA, A H-UILE LATHA
Stiùireadh-fuaim saor an-asgaidh ri fhaighinn ann an Gàidhlig na h-Alba.
Ionnsaich mar a thèid uisge-beatha Albannach air a dhèanamh, faigh a-mach mu dheidhinn na diofair fhàilidhean, agus gabh tlachd blasad a-staigh aon de na cruinneachaidhean as motha de uisge-beatha Albannach san t-saoghal.
The Gold Tour – Faigh ballrachd sa chlub againn agus gheibh thu blas de cheithir uisgeachan-beatha eile!
A H-UILE 30 MIONAID – GACH LATHA
Iùil claisteachd an-asgaidh ri fhaighinn ann an Gàidhlig na h-Alba
Tha an Turas Airgid agus ballrachd den Comann Meas Uisge-Beatha Albannach a’ tighinn le ceithir dramaichean singilte an-asgaidh, agus buannachdan a bharrachd air sin.
The Platinum Tour – bruadar do neach a tha dèidheil air uisge-beatha!
Tha an turas seo a-mhàin sa Bheurla
AN TURAS MU DHEIREADH DEN LATHA
Turas treòraichte le cothrom air ceithir dramaichean uisge-beatha na h-Alba a blasad agus fàileadh, a bharrachd air aon drama de uisge-beatha pòsta. As dèidh air sin, thèid sinn air sealladh leantainneach de aon de na cruinneachaidhean as motha de uisge-beatha Albannach san t-saoghal.
The Taste of Scotland Dining Experience – Coimeasgadh Albannach de uisge-beatha is seòl-còcaireachd
SAN FHEASGAR, ÀS DEIDH THE PLATINUM TOUR
Trì cùrsaichean de bhiadh Albannach anns an Taigh-bìdh Amber againn, le trì pìosan bìdh beaga Albannach an toiseach, trì prìomh chùrsaichean
agus biadh milis air a mhaidseadh le ‘dram’ uisge-beatha Albannach.
Aon de na cruinneachaidhean as motha de uisge-beatha Albannach san t-saoghal.
Co-dhèanta de faisg air 4000 botal den spiorad òrail deàlrach, chaidh an cruinneachadh uisge-beatha aig Diageo Claive Vidiz air ainmeachadh mar aon de na ‘7 iongantasan ‘s an saoghal uisge-beatha Albannach’.
Chan eil e comasach lorg luach a’ chruinneachadh – ‘s e comharrail de clàr corporra eachdraidh is leasachadh uisge-beatha Albannach, le botail sòghalachd a bhuineas do stiùirichean an t-saoghail, nithean annasach uisge-beatha, agus gach nì a tha eadar na dhà.
Bùth an uisge-beatha albannach
Tha a’ bhùth fosgailte airson neach sam bith tadhal oirre.
Bidh sinn a’ reic còrr air 500 brach singilte eadar-dhealaichte, Uisge-beatha Albannach gràin is coimeasgaichte còmhla ri taghadh gun samhail de dhramaichean cùbhraidh stèidhichte air Uisge-beatha Albannach. Gus cothrom a thoirt dhut na h-uimhir de dh’ uisge-beatha eadar-dhealaichte ’s as urrainn dhut a cheannach, tha sinn a’ tairgsinn raon farsaing de ‘mhion’ bhotail agus ‘mhion-phacan’ – mòran dhiubh a’ toirt a-steach uisgeachan-beatha gann is sean a tha duilich an lorg taobh a-muigh na RA.
Taigh-bìdh Amber & bar uisge-beatha
Faodaidh tu an taigh-bìdh Amber againn a mhealtainn fad an latha. Tha sinn moiteil gun urrainn dhuinn an toradh ionadail as fhèarr agus as ùire a thairgsinn ann an stoidhle ùr-nòsach san taigh-bìdh againn – nach fheuch thu an Tapas Albannach blasta againn? Chaidh creideas ‘Blas ar Roghainn’ bho VisitScotland a bhuileachadh air an taigh-bìdh againn, airson ar dealasachd do chleachdadh toraidhean ionadail.
Tha am bàr uisge-beatha ùr-nodha againn a’ tairgsinn taghadh de còrr air 450 diofar seòrsa uisge-beatheachan, agus tha an sgioba fiosrachail is càirdeil againn ri làimh gus do chuideachadh a lorg an drama as fhèarr leat. Tha an Instituid Òstaireachd Bhreatainn (The British Institute of Innkeeping) air breithneachadh gu bheil sinn mar aon de na ‘Prìomh 3’ bàraichean uisge-beatha ann an Alba.
FOSGLADH
Tha sinn fosgailte bho 10.00m gach latha ach a-mhàin Latha na Nollaige (25 Dùbhlachd).
MAR A GHEIBH THU LORG OIRNN
Lorgar sinn air an Royal Mile, aig mullach Castlehill ri taobh Edinburgh Castle – àite mòr-thaitneach dha luchd-turais a bhios a’ tadhal air Dùn Èideann.
Bus
Bidh busaichean Turas Dhùn Èideann a’ stad dìreach aig bonn Castlehill. Cliog an seo gus busaichean ionadail a lorg chun Scotch Whisky Experience.
Càr
Nuair a thig thu a-steach a Dhùn Èideann lean soidhnichean airson “meadhan a’ bhaile-mhòir” agus “tàlaidhean”. Faodaidh tu a thighinn bho thaobh The Mound le stiùireadh gu Bank Street, George IV Bridge agus an Lawnmarket. Tha an High Street agus Ramsay Lane dùinte airson trafaic agus tha Johnston Terrace aon-slighe a-mhàin airson chàraichean a’ dol chun iar. Faodar pàirceadh air an t-sràid air Johnston Terrace agus san Grassmarket. Faodaidh tu pàigheadh le bhith a’ cur buinn sa mheatair no le fòn-làimhe. Tha pàirc chàraichean ioma-làir air Castle Terrace – an ìre as àirde, King’s Stables Road – an ìre as ìsle.
Trèana
Chan eil ach 5 mionaid de choiseachd eadar stèisean rèileWaverley agus an Scotch Whisky Experience.