Fàilte gu The Scotch Whisky Experience
Eòlas uisge-beatha na h-Alba
SLÀINTE MHATH!
Tha an tàladh 5 rionnag The Scotch Whisky Experience a’ cur fàilte bhlàth oirbh gus dìomhaireachdan uisge-beatha Albannach fhosgladh aig an dachaidh againn air am Mìle Rìoghail Dhùn Èideann, dìreach ri thaobh Caisteal Dhùn Èideann. Taobh a-staigh uair a-thìde, thèid air turas a gheibh sibh gach nì a dh’fheumas tug gus a bhith nas eòlaiche air uisge-beatha!
Thig an turas agaibh gu ceann le blas uisge-beatha taobh a-staigh crùiste far a bheil aon de na cruinneachaidhean as motha de Uisge-Beatha Albannach san t-saoghal – a chaidh air ainmeachadh o chionn ghoirid mar aon de na ‘7 Iongantasan ‘s an saoghal uisge-beatha Albannach’. Thèid glainne uisge-beatha criostail a thoirt dhuibh mar chuimhneachan air an ùine a chuir sibh seachad còmhla rinn!
NA TURSAN
The Silver Tour – Bi nad eòlaiche air uisge-beatha ann an uair a thìde!
GACH LATHA, A H-UILE LATHA
Tha stiùireadh-fuaim saor an-asgaidh ri fhaighinn sa Ghàidhlig.
Ionnsaich mar a thèid uisge-beatha Albannach air a dhèanamh, faigh a-mach mu dheidhinn na diofair fhàilidhean, agus gabh tlachd blasad a-staigh aon de na cruinneachaidhean as motha de uisge-beatha Albannach san t-saoghal.
The Gold Tour – Faigh ballrachd sa chlub againn agus gheibh sibh blas de cheithir uisgeachan-beatha eile!
A H-UILE 30 MIONAID – GACH LATHA
Tha stiùireadh-fuaim saor an-asgaidh ri fhaighinn sa Ghàidhlig.
Tha an Turas Òr agus ballrachd den Comann Meas Uisge-Beatha Albannach a’ tighinn le coig dramaichean singilte an-asgaidh, agus buannachdan a bharrachd air sin.
The Taste of Scotland Dining Experience – Coimeasgadh Albannach de uisge-beatha is seòl-còcaireachd
SAN FHEASGAR, ÀS-DÈIDH AN TURAS ÒR
Trì cùrsaichean de bhiadh Albannach anns an Taigh-bìdh Amber againn, le trì pìosan bìdh beaga Albannach an toiseach, trì prìomh chùrsaichean
agus biadh milis air a mhaidseadh le ‘dram’ uisge-beatha Albannach.
Aon de na cruinneachaidhean as motha de uisge-beatha Albannach san t-saoghal.
Co-dhèanta de faisg air 4000 botal den spiorad òrail deàlrach, chaidh an cruinneachadh uisge-beatha aig Diageo Claive Vidiz air ainmeachadh mar aon de na ‘7 iongantasan ‘s an saoghal uisge-beatha Albannach’.
Chan eil e comasach lorg luach a’ chruinneachadh – ‘s e comharrail de clàr corporra eachdraidh is leasachadh uisge-beatha Albannach, le botail sòghalachd a bhuineas do stiùirichean an t-saoghail, nithean annasach uisge-beatha, agus gach nì a tha eadar na dhà.
Bùth an uisge-beatha albannach
Tha a’ bhùth fosgailte airson duine sam bith tadhal oirre.
Bidh sinn a’ reic còrr air 550 brach singilte eadar-dhealaichte, Uisge-beatha Albannach gràin is coimeasgaichte còmhla ri taghadh gun samhail de dhramaichean cùbhraidh stèidhichte air Uisge-beatha Albannach. Gus cothrom a thoirt dhut na h-uimhir de dh’ uisge-beatha eadar-dhealaichte ’s as urrainn dhut a cheannach, tha sinn a’ tairgsinn raon farsaing de bhotailean beaga agus pacaidean beaga – mòran dhiubh a’ toirt a-steach uisgeachan-beatha ainneamh is sean a tha doirbh ri lorg taobh a-muigh na Rioghachd Aonaichte.
Taigh-bìdh Amber & bar uisge-beatha
Faodaidh sibh an taigh-bìdh Amber againn a mhealtainn fad an latha. Tha sinn moiteil gun urrainn dhuibh an toradh ionadail as fhèarr agus as ùire a thairgsinn ann an stoidhle fasanta san taigh-bìdh againn – nach fheuch sibh an Tapas Albannach blasta againn? Chaidh creideas ‘Blas ar Roghainn’ bho VisitScotland a bhuileachadh air an taigh-bìdh againn, airson ar dealasachd do chleachdadh toraidhean ionadail.
Tha am bàr uisge-beatha fasanta againn a’ tairgsinn taghadh de còrr air 550 diofar seòrsa uisge-beatheachan, agus tha an sgioba fiosrachail is càirdeil againn ri làimh gus ur cuideachadh a lorg an drama as fhèarr leibh. Tha an Instituid Òstaireachd Bhreatainn (The British Institute of Innkeeping) air breithneachadh gu bheil sinn mar aon de na ‘3 bàraichean uisge-beatha as fheàrr’ ann an Alba.
Ceistean Cumanta
Am feum sibh àite a ghlèidheadh ro-làimh?
Tha sinn a’ moladh gun glèidh sibh àite ro-làimh tron air-loidhne againn.
An urrainn dhomh mo thiogaid atharrachadh?
Tha na tiogaidean againn sùbailte agus faodadh sibh atharrachadh suas ri 48 uairean ron àm tadhail agaibh.
A bheil an turas freagarrach do chloinn?
Chan eil ach an turas Airgid freagarrach do chloinn. Tha tiogaid cloinne is tiogaid teaghlaich againn ri cheannach.
Dè cho fada ’s a bheir an turas?
An turas Airgid – 50 mionaid, An turas Òir 75 mionaid, Blas na h-Alba – 3 uairean a thìde
An e turas le stiùireadh a th’ ann?
Tha an turas air a stiùireadh leis an luchd-obrach againn fhèin. Tha an turas air a chumail sa Bheurla, ach tha stiùiridhean-claisneachd rim faighinn ann an 20 cànan.
A bheil e freagarrach airson daoine le feuman eadar-dhealaichte?
Tha, airson fiosrachadh
Càite a bheil Eòlas Uisge-beatha na h-Alba suidhichte?
Ann an Seann Bhaile Dhùn Èideann, ri taobh Caisteal Dhùn Èideann. ‘S e EH1 2NE an còd-puist againn.
A bheil sibh a’ gabhail ri airgead-naiseanta?
Chan eil sinn a’ gabhail ri airgead sam bith ach £GBP Sterling a-mhàin.
FOSGLADH
Tha sinn fosgailte bho 10.00m gach latha ach Latha na Nollaig (25mh den Dùbhlachd).
MAR A GHEIBH SIBH LORG OIRNN
Tha sinn ri lorg air an am Mìle Rìoghail, aig mullach Castlehill ri taobh Chaisteal Dhùn Èideann- àite mòr-thaitneach dha luchd-turais a bhios a’ tadhal air Dùn Èideann.
Bus
Bidh busaichean Turas Dhùn Èideann a’ stad dìreach aig bonn Castlehill. Cliog an seo gus busaichean ionadail a lorg chun Scotch Whisky Experience.
Càr
Nuair a thig sibh a-steach a Dhùn Èideann lean soidhnichean airson “meadhan na bhaile” agus “tàlaidhean”. Faodaidh sibh a thighinn bho thaobh The Mound le stiùireadh gu Bank Street, George IV Bridge agus an Lawnmarket. Tha an High Street agus Ramsay Lane dùinte airson trafaic agus tha Johnston Terrace aon-slighe a-mhàin airson chàraichean a’ dol chun iar. Faodar pàirceadh air an t-sràid air Johnston Terrace agus san Grassmarket. Faodaidh sibh pàigheadh le bhith a’ cur buinn sa mheatair no le fòn-làimhe. Tha pàirc chàraichean ioma-làir air Castle Terrace – an ìre as àirde, King’s Stables Road – an ìre as ìsle.
Trèana
Chan fheum sibh coiseach ach 10 mionaid bhon stèisean-rèile Waverley agus an Scotch Whisky Experience.