Fàilte gu The Scotch Whisky Experience

Eòlas uisge-beatha na h-Alba

The Scotch Whisky Experience exterior building view with cobbles and Edinburgh Castle

SLÀINTE MHATH!

Air do shlàinte!

Tha an tàladh 5 rionnag The Scotch Whisky Experience a’ cur fàilte bhlàth ort gus dìomhaireachd Uisge-beatha Albannach fhosgladh aig an dachaigh againn air Royal Mile Dhùn Èideann dìreach ri taobh Edinburgh Castle (Caisteal Dhùn Èideann). Ann an uair a-thìde, thèid do thoirt air turas, a’ toirt dhut gach nì a dh’fheumas tu gus a bhith nad eòlaiche air uisge-beatha!
Thig an turas agad gu ceann le bhith a’ faighinn blas de dh’uisge-beatha taobh a-staigh seilear far a bheil An Cruinneachadh de dh’ Uisge-beatha Albannach as Motha san t-Saoghal – a chaidh ainmeachadh o chionn ghoirid mar aon de na ‘7 Iongantasan ann an Saoghal Uisge-beatha Albannach’. Bheirear do ghlainne chriostal uisge-beatha dhut mar thiodhlac cuimhneachaidh den ùine a chaith thu an seo.

NA TURSAN

 

The Silver Tour – Bi nad eòlaiche air uisge-beatha ann an uair a thìde!
GACH LATHA, A H-UILE LATHA
Iùil claisteachd an-asgaidh ri fhaighinn ann an Gàidhlig na h-Alba

Gabh turas tocsaid tro obair-dealbhachaidh Uisge-beatha Albannach, lorg na h-àillidhean eadar-dhealaichte agus faigh blas de na tha taobh a-staigh a’ Chruinneachaidh de Uisge-beatha Albannach as Motha san t-Saoghal.

 

The Gold Tour – Faigh ballrachd sa chlub againn agus gheibh thu blas de cheithir uisgeachan-beatha eile!
GACH LATHA, A H-UILE LATHA
Iùil claisteachd an-asgaidh ri fhaighinn ann an Gàidhlig na h-Alba

The Silver Tour, agus ballrachd den Scotch Whisky Appreciation Society (Comann Meas Uisge-beatha Albannach) againn, a thig le ceithir brachan singilte an-asgaidh, agus buannachdan a bharrachd air an sin.

 

The Platinum Tour – bruadar do neach a tha dèidheil air uisge-beatha!
Tha an turas seo a-mhàin sa Bheurla
AN TURAS MU DHEIREADH DEN LATHA

Turas fo stiùir, agus srònadh is blasad fo stiùir de dà bhrachan eadar-dhealaichte agus às deidh sin sealladh leantainneach den Chruinneachaidh de Uisge-beatha Albannach as Motha san t-Saoghal agus mu dheireadh blas de dh’Uisge-beatha Albannach a tha air leth sònraichte.

The Taste of Scotland Dining Experience – Coimeasgadh Albannach de uisge-beatha is seòl-còcaireachd
SAN FHEASGAR, ÀS DEIDH THE PLATINUM TOUR

Trì cùrsaichean de bhiadh Albannach anns an Taigh-bìdh Amber againn, le trì pìosan bìdh beaga Albannach an toiseach, trì prìomh chùrsaichean
agus biadh milis air a mhaidseadh le ‘dram’ uisge-beatha Albannach.

Tiogaidean a cheannach

LEABHAIR A-NIS LEABHAIR A-NIS
One of the World's Largest Collection of Scotch whisky

An cruinneachadh de uisge-beatha albannach as motha san t-saoghal

A’ toirt a-steach faisg air 4000 botal de spiorad òrail deàlrach, chaidh an Cruinneachadh Uisge-beatha Albannach aig Diageo Claive Vidiz ainmeachadh o chionn ghoirid mar ‘Aon de na 7 Iongantasan ann an Saoghal Uisge-beatha Albannach’.

Chan eil e comasach àireamh a chur air luach a’ Chruinneachaidh – tha e a’ riochdachadh clàr corporra de eachdraidh is leasachadh Uisge-beatha Albannach, le botail sòghal tearc fo sheilbh stiùirichean na cruinne, nithean annasach uisge-beatha, agus gach nì a tha eadar na dhà.

The Scotch Whisky Experience Whisky Shop

Bùth an uisge-beatha albannach

Tha a’ bhùth fosgailte airson neach sam bith tadhal oirre.

Bidh sinn a’ reic còrr air 500 brach singilte eadar-dhealaichte, Uisge-beatha Albannach gràin is coimeasgaichte còmhla ri taghadh gun samhail de dhramaichean cùbhraidh stèidhichte air Uisge-beatha Albannach. Gus cothrom a thoirt dhut na h-uimhir de dh’ uisge-beatha eadar-dhealaichte ’s as urrainn dhut a cheannach, tha sinn a’ tairgsinn raon farsaing de ‘mhion’ bhotail agus ‘mhion-phacan’ – mòran dhiubh a’ toirt a-steach uisgeachan-beatha gann is sean a tha duilich an lorg taobh a-muigh na RA.

Amber Restaurant - seafood platter with stave

Taigh-bìdh Amber & bar uisge-beatha

Bidh Amber a’ tairgsinn gach nì eadar cofaidh maidne agus cèicichean air ùr-fhuine san dachaigh is làn-dìnnear trì-cùrsa. Tha sinn moiteil gun urrainn dhuinn an toradh ionadail as fheàrr agus as ùire a thairgsinn ann an nuadh-stoidhle – nach fheuch thu na Tapas Albannach blasta againn? Chaidh creideas ‘Blais ar Roghainn’ bho VisitScotland a bhuileachadh air an Taigh-bìdh againn, airson ar dealasachd do chleachdadh toradh ionadail.

Tha am Bar Uisge-beatha ùr-nodha againn a’ tairgsinn taghadh de chòrr air 450 uisge-beatha, agus tha an sgioba fiosrachail is càirdeil againn ri làimh gus do chuideachadh an dram as fheàrr leat a lorg. Tha The British Institute of Innkeeping (Institiud Òstaireachd Bhreatainn) air breithneachadh gu bheil sinn mar aon de na ‘Prìomh 3’ Bar Uisge-beatha ann an Alba.


FOSGLADH

Tha sinn fosgailte bho 10.00m gach latha ach a-mhàin Latha na Nollaige (25 Dùbhlachd).


MAR A GHEIBH THU LORG OIRNN

Lorgar sinn air an Royal Mile, aig mullach Castlehill ri taobh Edinburgh Castle – àite mòr-thaitneach dha luchd-turais a bhios a’ tadhal air Dùn Èideann.

Bus
Bidh busaichean Turas Dhùn Èideann a’ stad dìreach aig bonn Castlehill. Cliog an seo gus busaichean ionadail a lorg chun Scotch Whisky Experience.

Càr
Nuair a thig thu a-steach a Dhùn Èideann lean soidhnichean airson “meadhan a’ bhaile-mhòir” agus “tàlaidhean”. Faodaidh tu a thighinn bho thaobh The Mound le stiùireadh gu Bank Street, George IV Bridge agus an Lawnmarket. Tha an High Street agus Ramsay Lane dùinte airson trafaic agus tha Johnston Terrace aon-slighe a-mhàin airson chàraichean a’ dol chun iar. Faodar pàirceadh air an t-sràid air Johnston Terrace agus san Grassmarket. Faodaidh tu pàigheadh le bhith a’ cur buinn sa mheatair no le fòn-làimhe. Tha pàirc chàraichean ioma-làir air Castle Terrace – an ìre as àirde, King’s Stables Road – an ìre as ìsle.

Trèana
Chan eil ach 5 mionaid de choiseachd eadar stèisean rèileWaverley agus an Scotch Whisky Experience.