LORG AN ẺLAIS LE SPIORAD
Tadhal air Ionad-eòlais ùr Uisge-beatha na h-Alba airson turas nach dì-chuimhne thu! Thoir turas goileach builgeanach tro mhac-shamhail taigh-stail agus thu mar phàirt de phròiseas deasachaidh an uisge-beatha.
Air an t-slighe cluinnidh tu na sgeulachdan a tha air cùl an obair-ciùird iongantach seo, le luchd-iùil eòlach agus comhairlichean uisge-beatha còmhla riut air gach blas den t-slighe. Cuidichidh sinn thu gus an lorg thu na h-àilidhean agus na blasan as fheàrr le do bhannas agus a stiùireas tu chun Uisge Beatha as fheàrr buileach.
Bheir an sealladh spioradail seo do shaoghal an as-mhalairt as iomraiteach a th’aig Alba eadar fìor thoiseach na cùise mar ghnìomhachas dachaigh agus an ìre cruinne soirbheachais aig a bheil e an-diugh – a’ criochnachadh le sealladh faisg air a’ chruinneachadh as motha san t-saoghal de Uisge-beatha na h-Alba. Tadhal air Ionad-eòlais Uisge-beatha na h-Alba agus faigh a-mach mu na h-ursgeulan a tha mun cuairt air Uisge-beatha na h-Alba – fìor eòlas iongantach dhan h-uile duine.
TURSAN SÒNRAICHTE
Tursan Laighe na Grèine – tha tursan àrd-fheasgar rim faighinn airson buidhnean beaga agus geinealag blasta na chois airson do chumail dòigheil.
An t-Eòlas Òr – a’ toirt a-steach ballrachd ann an Comuinn Cuir Luach air Uisge-beatha na h-Alba, a thig le ceithir mhic na bracha miodalach agus sochairean eile. Do dhaoine fa-leth agus bhuidhnean beaga.
An Turas Cruinneachaidh – rannsaich an cruinneachadh as motha san t-saoghal de Uisge-beatha na h-Alba leis an turas leudaichte seo ann an Cruinneachadh Uisge-beatha aig Diageo Claive Vidiz – faisg air 3500 botal!
Bidh cothrom faighinn air gach turas a-rèir iarratais.
FAIREACHDAINN NA H-ALBA AGUS GAILEARAIDH UISGE-BEATHA MHIC AN T-SAOIR
Ann an seòmar Faireachdainn na h-Alba, tha na h-eòlaichean uisge-beatha againn deònach cuideachadh a thoirt dhut gus an lorg thu àilidhean nan uisgeachan-beatha bho dhiofar sgìrean agus gus am faigh thu Uisge-beatha a fhreagras do bhannas. Ann an Gailearaidh Uisge-beatha. Mhic an t-Saoir, faigh a-mach mu eachdraidh Uisge-beatha na h-Alba fhad’s a bhios tu a’ faighinn tlachd bho dhrama bheag geinealag le seallaidhean thairis air Dùn Èideann.
CRUINNEACHADH UISGE-BEATHA DIAGEO CLAIVE VIDIZ
Is e cothrom a tha seo nach fhaigh thu ach aon uair san t-saoghail airson sùil fhaighinn air a’ chruinneachadh de dh’Uisge-beatha na h-Alba as motha san t-saoghal; faisg air 3500 botail fa-leth. An seo cuidichidh na h-eòlaichean againn thu gus sgrùdadh a dhèanamh air na h-àilidhean agus na blasan a tha san drama a thagh thu.
UISGE-BEATHA NA H-ALBA AGUS BÙTH GHIBHTEAN
Tha a’ bhùth fosgailte do dhuine sam bith a thig a thadhal, ach gheibh iadsan a chaidh air an turas againn lughdachadh sònraichte air botail 70cl agus pacaidean blais.
Is e seo Uamh Aladdin dhaibhsan a tha dèidheil air uisge-beatha, agus faodaidh iad lorg fhaighinn air còrr is 300 uisgeachan-beatha Mac na Bracha Singilte, Gràn is Measgaichte a bharrachd air taghadh shònraichte de dhramaichean cùbhraidh stèidhichte air Uisge-beatha na h-Alba.
TAIGH-BÌDH AMBER
Le do mhothachadh blais air ùrachadh carson nach fheuch thu biadh math aig an Taigh-bìdh Amber againn far a bheil na còcairean againn gu cùramach a’taghadh biadh ionadail bho mun cuairt na h-Alba, no dìreach gabh anail anns a’ bhùth-cofaidh againn de Bhàr Uisge-beatha Dualchasach – deagh dhòigh gus do thuras eòlais a thoirt gu crìch.
MAR A LORGAS TU SINN
Ri lorg air a’ Mhìle Rìoghail, aig mullach Cnoc a’ Chaisteil ri taobh Caisteal Dhùn Èidinn agus an Camara Obscura – sgìre thaghta dha luchd-turais a’ tadhal air Dùn Èideann.
Bus
Bidh busaichean Turais Dhùn Èideann a’ stad dìreach aig bonn Cnoc a’ Chaisteil. Put an seo gus lorg fhaighinn air busaichean ionadail gu Ionad-eòlais Uisge-beatha na h-Alba.
Càr
Nuair a thig a-steach do Dhùn Èideann lean na soidhnichean airson “meadhan a’ bhaile” agus “àiteachan-tadhail”. Faodaidh tu a thighinn a-steach bho Barraid MhicIain, An Tom air an t-slighe gu Sràid a’ Bhanca, Drochaid Shẹrais IV agus Margaidh a’ Ghlasaich. Tha an Àrd-shràid agus Lanaig Ramsay dùinte gu trafaic. Gheibhear pàirceadh air an t-sràid air Barraid MhicIain. Faodaidh tu pàigheadh le buinn san inneal neo led f̣n-làimhe. Tha pàirce-chàraichean ioma-làir air Barraid a’ Chaisteil – ́re àrd, Rathad Stàbaill an Ŕgh – ́re ́seal.
Trèana
Tha stèisean rèidhle Waverley dìreach 5 mionaidean de choiseachd bho Ionad-eòlais Uisge-beatha na h-Alba.
AMANNAN FOSGLAIDH
7 làithean 10m – 6.30f (an turas mu dheireadh aig 5f)Amannan nas fhaide as t-samhradh.
Cothroman slighe do chiorramaich
Ionad-eòlais Uisge-beatha na h-Alba
354 Cnoc a’ Chaisteil,
Am Mìle Rìoghail,
Dùn Èideann
EH1 2NE
Info@whisky-heritage.co.uk
Fòn: +44 (0) 0131 220 0441
Fac: +44 (0) 0131 220 6288
Map



